Skip to main content

‹‹‹ prev (43)

(45) next ›››

(44)
38
AN GAIDHEAL AM MEASG NAN GALL.
Le laìn Mac Ghilleain.
• Och ! a rùin gur tu th' air m' aire —
Och ! a ghaoil gur tu th' air m' aire :
'S tusa 'rùin, 's gur tu th' air ra' aire,
'S gur h-i mo dhù'aich tha tigh'nn fainear dhomh.
Cha togar fonn leam ach trom air m' aiueoil,
Cha dean mi òran 's an dòigh bu mhaith leam :
Gur mi bha gòrach 'n uair thug mi 'n gealladh
Do 'n nionaig òig a bha chòmhnaidh 'n Cana.
Och ! a rùin, &c.
Gur h-ann le h-àilgheas a dh' fhàg mi 'm fearann
'S an deachaidh m' àrach 'nuair bha mi 'm leanabh ;
'S mi 'n dùil gu'n deanaiun am bhadhna 'dh'earras
Na cheann'chaidh lìon dhomh gu iasgach earraich.
Och! a liìin, &c.
Gur mi bha stàtail 'nuair dh'fhàg mi Ailean,
Ri togail gàraidh 's a' càradh bheallach ;
Gu'm b'fhearr bhi ann air neo 'smealta 'bharail,
Na bhi 's an àm ann an tainng na'u Gallaibh.
Och! a rùin, &c.
Cha ghabhainn tuarasdal uaith mar sgallaig,
Ach tigh'nn do'n Ghalltachd a shealltainn chaileag ;
'S 'n uair ni gach te dhiubh a'm beurla m' fliarraid,
Their mis' an Gàilig gu'n d' f hàg mi Barra.
Och ! a rùin, &c.
Cha 'n 'eil e 'còrdadh rium seòl a h-arain —
Bhi 'falbh Di-dòmhnuich 's a' giìilan eallaich ;
'S nach faigh mi fàrdach, r.a àit' am fanain,
Ach sabhal fàs, air-neo stàbull ghearran
Òch ! a rùin, &c.
'N uair ni sinn gluasad Di-luain do 'n bhaile,
Bidh bodaich Ghalld' ann 'an ge.iil aii- mealladh ;
Cha tuig mi'n nàdui- le'ii cànain Ghallaich —
Thamise dàll 'sgun an cainnt am theangaidh.
()('h ! a rìiin, \c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence