Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
36
Horo ! tha mi muladach,
Cha tog mi fonu le subhachas,
'8 e fear na gruaige duibhe
'Chuireadh mulad dhiom a's smuairean.
'S mìse tha gu deurach
'S a' mhaduinn an àm èiridh,
A'cuimhneachadh air Eamunn,
'S gur h èisleauach mo ghluasad.
lloro ! tha mi, &c.
'S e mo ghaol an t-òigear
'Gam bheil a' phearsa bhòidheach —
O'n dhealaich thu cho òg i-ium
Gur tric na deòir le m' ghruaidhean.
Horo ! tha u)i, &c.
Chuir thu còta sgàrlaid ort,
Le suaicheantas na bàn-righ'nn —
Tha mulad air do chàirdean
Cho tràth 's a thugadh uainn thu.
Horo ! tha mi, &c.
Thainig òrdugh cabhagach
Gud' thoirt air falbh do Shasunn uainn,
'S gun dùil gu'n till thu 'n gradaig ruinn,
'S e dh'fhàg mo chadal luainneach.
Horo ! tha mi, &c.
Ch» 'n 'eil cron ri 'àireamh ort
Bho chùl do chinn gud' shàiltean ;
A'd' sheasamh aig parade,
Gur h àileagan 'measg sluaigh thu.
Horo ! tha mi, &c
Cha 'n aithne dhomh fear t-aogais —
Do ghruaidhean mar ua caoraii —
Do shlios cho geal 's an f haoileann
A thig o thaobh nau cuantan.
Horo! tha mi, &c.
Do ghruaidhean mar na ròsan —
Do chneas mai" chanach lòintean :

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence