Skip to main content

‹‹‹ prev (30)

(32) next ›››

(31)
dh'iarras an Leigh ort. Biodh gach gloine 's cupan agad glan,
agus uisge glau aig do làimli an còmhnuidh. Thoir an ro-aire gach
nì a dh' iarras an Lighiche ort a dheanadh, 's gu 'n dean thu e mar
is còir, agus aig an ìim a tha air iarraidh. Na h-disd ri saobh-
bharailean sheann bhan a their 'n an aineolas "nach 'eil feum
an sid 'n an so; 'nuair a thig àm au Tighearna theid e ni 's f eàrr."
Cha-n 'cil guth aca gun do chomharraich an Tighearna e fdin a
mach meadhona chum an cleachcladh air son slàinte aiseag do
mhuinntir euslàn ; agus gu bheil e air iarraidh oirnn ar n-uile
dhìchioll a dheanadh g'a 'n cleachdadh. Tha mnathan ri mòran
dochair, le aineolas agus le'n dalamachd, a' f àgail gun deanadh na
nithe bu chòir a dheanadh chum shiinte, agus a bhiodh 'na chul-
aidh bhacaidh air bàs.
BIADH AIR SON NEACH TINN.
Ani biadh riaghailteach a ghleidheadh neach .slàn, fallain slàinteil,
marbhaidh e neach tinn. Nì tha 'na bheatha do aon ueach tha e 'na
phuinnsean do neach eile. Tha so f ior mo bhiadh, agus mo chung-
aidh-leighis. Mairt-f heòil mhath, anns am bheil a chuid is mo do
bheathachadh do gach biadh air son h')n dijine fhallain, .s'i is lugha
beatha do gach biadh air son duine thinn; do bhrigh 's nach urrainn
a stamac lag, leth-mharbh a cnàmh. Is e a tha freagarrach air son
nan euslàn sùgh, no brìgh na feòla. Tha mòran euslan a 's urrainn
sùgh feòla a ghabhail 'nuair a dhiùltas iad gach ni eile. Tha so gu
.soillear r'a fhaicinn ann am fiabhruis a tha 'g èiridh on stamaic;
'nuair a tha neach gun a bheag sam bith a ghabhail fad .sheachd-
uintan 's theagamb mhiosan, ach sùgh feòla a mhàin. Tha bainne
agus nithean a tha air an ullachadh o'n bhainne ro fheumail do
dhaoine tinn; tha ìmromhath learan. Matha bainneagoirtachadh,
no a toirt a char is kigha cha-n 'eil e freagarrach ann an
tinneas, tha e ullamh gu fuasgladh cuim no tinneas cuim
a thogail. Uime .sin bu choir do bhaualtrum a bhi ro-fhaic-
illeach mu'n bhainne a tha i 'clcachdadh do neach tinn, gu
'm bi e iir, miHs, blasda. Tha blàtliach, no bainne goirt st>la.sach
do neach athaann am fiabliruis. IJachdar, no bàrrbainne, cha-n
'eil m 's feàrr na e ann an trioblaid a tha mairsinn fada. Tha
mòran do 'm bheil e ni 's fhasa 'chnàmh na bainne. Is ainmig

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence