Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
14
iieo shlàinteil air a li-uile dòigh. Tha cùig nithe feumail gu tigh
a dheanadh fallain.
1. Glaine a mach 's a stigh.
2. Tiormachd, le guitearaibh a bhi mu 'thimchioll.
3. Uisge glan.
4. Aìle glan, no gaoth ghlan.
5. Solus, no soillse gu leòir.
As eugmhais nan coig nithe sin cha 'n uarainn tigh a bhi slàinteil.
GLAI NE.
As eugmhais glaine a stigh agus timchioll tighe, cha'n'eil
fionnarachadh a chum feum a dheanadli àile an tighe caoin. Anns
an tigh is dìbhdhe 's is suaraiche, bu chòir na ballachan agus am
mullach a steach a ghlauadh le uisge aoil dà uair 's a bhUadhna.
Cha 'n urrainn àile an tighe bhi caoin agus òtrach fo 'n uinneig,
no aig an dorus, no feudaidh e bhi an ceann eile an tighe: mar is
tric a thachair ann an tighibh feadh na Gàidhealtachd. Tha gu
minic an dìin aig an dorus, air neo slochd làn do na h-uile salachar,
a' cur dheth fàileadh breun a tha gu tric 'n a aobhar air iomadh
gnè euslainte a measg sluaigh air feadh na dùtlicha, agus anns a'
bhaile mhòr. Tha so bitheanta ann an iomadh àite; ach air a
shon sin tha iongantas air mòran gu bheil a' chlann a tha air an
dhthaich neo-fhallain agus a' fulang o euslaint. Ach na smuam-
icheadh iad air lagh nàduir do thaobh slàinte cloinne, cha bhiodh
iongantas air bith orra.
Tha dòigh eile air am faod tigh a bhi salach a bhàrr air dùn
salachair a bhi an sud 's an so. Ballachan le paipeir gun ghlan-
adh bhliadhna gu bliadhna, brat-ùrlar salach, ballachan agus
mullach tighe salach, àirneis shallach, leapaichean le cùirteinibh
salach; tha so ri truailleadh mòr air àile an tighe. Tha 'm fòil-
eadh breun so a' dol a measg na h-analach agus a' truailleadh na
faLa, agus mar sin a' togail galair agus euslainte do mhòran
sluaigh. Tha muinntir gun chleachdadh air a bhi smuaineach-
adh cia mar no ciod an dòigh air an dean iad an dachaidh comh-
fhurtachail agus slainteil ; mar sin cha-n 'eil iad a smuaineachadh
mu 'n chùis, ach a' gabhail ris gach gnè ghalair agus euslaint'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence