Skip to main content

‹‹‹ prev (15)

(17) next ›››

(16)
10
Ts iad na meadhonan sonmiclite a tha 'n ar comas gu 'bhi
gleidheadh a chuirp ann an slàinte; aire thoirt do bhiadh, glaine,
aodach, àile glan, tigh glan, agus cuimse do shaothair chorporra
's do thàmh.
BI ADH.
Tha biadh a' cumail a' chuim ann an slàinte le bhi 'g a dhean-
amh blàth, agus a cur an òrdugh gach gnè o'm bheil an corp air
a dheanamh suas. Tha biadh agus deoch a' faotainn a dh' ionn-
saidh na fala, agus mar sin a' sruthadli chum gach aon do bhall-
aibh a' chuirp. Tha cnaimh, fejbil, fèithean, agus eanchainn a'
tarruing às an fhuil gach ni a dh' fheumas iad air son an deanamh
suas. Uimesin thabiadhfeumailairson cumail suascuirp. Feum-
aidh biadh a bhi math air son deanadh fala, no cha 'n 'eil e chum
feum. Tha gainne bidh agus lòn mi-fhallain na 'n aobharaibh
air iomadh eucail a measg sluaigh. Is iad na h-eucailean sòn-
raichte a tha dìreach an Ìorg gainne bìdh agus lòn mi-fhallain,
scurbhi, fua^gladh cuim, gearrach, siubhal, fiabhruis, tinneas-an-
rìgh, siltichean, agus nàdur do thinneas caitheamh a measg
cloinne. Chum gu 'm bi biadh fallain feumaidh iomadh gnè a bhi
a measg a chèile. mar tha feòil, buntàta, min choirce, agus cruin-
eachd, bainne, uibhean, càl agus lusan eile.
Tha Ealdhain ann an cuid, agus seadh o rannsachadh fala ann
an cuid eile a' teagasg dhuinn gach seòrsa a tha feumail chum
tràth bidh a dheanamh fallain gu beathachadh a chuirp.
Air an làimh eile tha Ealdhain a' teagasg dhuinn gu bheil gach
ni a tha anns an fhuil a hUhair anns a ghnè beatha a tha sinn a'
gabhail. Bainne air a bheil gach creutair òg (duine agus ain-
mhidli) a' tighinn beò car ùine; tha gach ni ann chum cnaimh,
feòl, eanchainn, agus craicionn a dheanadh.
Tha e iomchuidh biadh a bhi air a dheasachadh ceart, chum a
bhi faUain agns feumail do 'n chorp. Is còir a chagnadh gu maith
mu 'n tèid a shlugadh. Tha so a' toirt air cnàmh ni 's luaithe,
agus a' toirt ni 's higha oba'r do 'n stamaig. Am bitlieantas is
leòir trì tràithean 's an latha ; ach is i 'chùis àraidh a tha ri 'bhi
air a thoirt fainear — an ùiue bu cliòir a blii eadar gach trhth.
Cha 'b uilear do neach slàn ceithir nairean, mar is lugha eadar

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence