Skip to main content

‹‹‹ prev (127)

(129) next ›››

(128)
112 CUMHA RAONUILL-OG.
Gur a mis' 'tha gu tinn,
'S bochd 's gur tursach 'tha mi :
'S nach faicear a's tir fear d' èugais !
Gur a mis' 'tha, &c.
Gur a mis' 'tha fo sprochd —
Càch mu d' fhearann a' trod :
'S nach suidh thu air cnoc g' an rèiteach' !
Gur a mis' 'tha, &c.
Chunnaic mise do thur,
'S e gun mhire gun mhùirn,
'Us do chinneadh 's gach cùis 'an dèis-làimh
Chunnaic mise, &c.
Tha do bhaile gun stath,
'S e gun sabhull, gun ath, —
'N a fhiadhairean bàna teuraich!
Tha do bhaile, &c,
Och ! 'f hir bhuidhe mo ghaoil,
Do 'm bu shuaicheantas fraoch —
'S i mo chreach-sa nach faod thu èirigh !
'S f hir bhuidhe, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence