Skip to main content

‹‹‹ prev (112)

(114) next ›››

(113)
ACHAIN MHIC MHUIRICH MHOIR
ACHAIN MHIC MHUIRICH MHOIR.
TuKUS gan robh Mac Mhuirich Mhòir air taisdeal fairge
ri latha fiathail, thuirt an sgiobair ris : " larr gaoth, a
Mhic Mhuirich," Thuirt esan :
Gaoth niar o'n ailbhinn chiiiin,
Mar a dh' òrdaich Righ nan dùl :
Gaoth gun iomradh, gun abhsadli,
Nach deanadh gniomh fallsail duinn.
'jS lag dona 'dli iarr ihu i, ors^ an sgiobair.
Gaoth tuath cho cruaidh ri slait
'G ainealadh os cionn ar stuic :
;Mar earba ruaidh 'us i 'n a gailc,
'S coin 'g a ruagadh timchioll phreas.
Cha ruig moladh fhathast oirre^ ors'esan.
Ma tha gaoth an ifrinn fhuar,
A Dhonnain, cuir 'n ar deaghaidh i
'N a sradan dearga teine,
Gun duin' a dhol air tir,
Ach Mac-Mhuirich, 's a ghille, 's ii chù.
Agus sheid a' ghaoth cho cruaidh, deisneach,
's gu-n d'fhairtlich orra an soitheach a stiuradh.
Ruith e air sgor creig' orra ; agus, ma's fior an
airis, dh'eirich an clar-uachdair, agus sguabadh
e fhein, 's Mac-Mhuirich, 's a ghille, 's a chù gu
tir. Shùigh an t-onfhadh each air an ais, agus
bhàthadh gach mac mathar dhiubh !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence