Skip to main content

‹‹‹ prev (65)

(67) next ›››

(66)
50 LINN AN AIDH.
Cha robh cogadb, cha robh còmhstri,
Cba robh cònnsacliadh, no streup ami ;
H-uile h-aoii a' gabhail còmhnuidh
Anns an t-seol'bu deoin leis fhein e.
Cha robh guth air crich no toir,
Bha gach dùil 'tigh'nn beo 'an sith ;
Feum sam bith cha robh air mod,
'S lagh na corach air a' chrìdh'.
*Dh-òr no dh' airgiod cha robh miagh,
Sogh 'us fialachd air gach làimh ;
Bochduinn cha d' f hiosraich neach riamh,
'Us duine cha d' iarr cuid chaich.
Bha caoimhneas, comunn, iochd, 'us gradh,
Anns gach ait 'am measg an t-shiaigh ;
Eadar far an eirich grian,
'S far an laidh i niar 's a' chuan.
Bha gach achadh fo throm bhàrr,
Gil torrach, Ian, air a chhiain ;
Bliochd 'us bainne aig an àl —
Innis 's gach ait aig a' bhuar.
Cha robh feum air cleith no crann,
Chinn gach ni neo-ghann leis fhein ;
Meas 'us bias 's a h-uile h-am —
A' bhliadhna 'na samhradh gu leir !
Iain Mac-Cuaeaig.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence