Skip to main content

‹‹‹ prev (156)

(158) next ›››

(157)
153
\S ged a ghleachdadh an sluagh
Chum a chreach a thoirt oat,
Thug thu an dreach dhiubh 's an snuadh 's an gloir ;
'Nnair a dh'fhosglas do bheul
Tha thu salach a's breun,
'S cha'n eil ni an do chreutair beo.
Ach nach cuhnhne leat fèin
Neach a b'aillt bha fo'n ghrein,
Fhuair e bas on chaidh cheus air crann ;
'S 'nuair luidh e san uaigh,
Rinn thu caithream le buaidh,
Mar nach b'e ceannard an t-sluaigh bhitheadh ann.
Ach an ceann nan tri lath,
'S ann a dhuisg e an aird,
'S chuir e chul-thaobh ri bas a's uaigh :
B'e sud maduinn nan gras
A thug fuasgladh do chach ;
Caite nis ma ta 'm bheil do bhuaidh 1
Thig e f hathast ann an gloir,
Sud an lath bhitheas mor :
Bheir e gairm 's thig gach feoil na lathair ;
'S theid thusa a rannsach gu cul,
'S na mairbh a thionndadh on uir,
Bithidh moran ann diubh 's iad a bruchdadh an aird.
Eirigh an dream a fhuair gras
Ann an lath na slainnt',
Theid an sgaradh o chach san uair,
\S bitheas iad sgiamhach gu leir
Ann an iomhaigh Mhic Dhè,
Mar a ghrian anns na speuran shuas.
Laigse, truailleachd, a's bas
Teichaidh uath nis gun dail :
Cliu do'n Uan on 's e 'n Slanaighear treun.
; S e their iad ris an uaigh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence