Skip to main content

‹‹‹ prev (154)

(156) next ›››

(155)
151
Gun fhois gun sith ac' 'san tim ta lathair,
'S bitheadh bron a's truaigh gu buan 's gu brath ac'.
'S e 'n dream gheibh coir anns an fhois neo-
chriochnach
Fhuair sealladh mor air an cunnairt shiorruidh ;
Ach fhuair iad eolas air gloir na Trianaid
'S dh'fhag sud iad oirdhearc lo mais' na Diadhachd.
ORA.X DCTN UAIGIL
Bheir mi 'n dan so duit uaigh
On a tha thu gun truas ;
'S tu dh'fhagas iomad gruaidh fo dheor ,*
'S ged tha muillionibh sluaigh
Air an iomain fo'd bhruaich,
Cha d'thubhairt thu fhatbast gun d' fhuair thu e
leor.
'S ann tha t-iartas co mor,
'S nach bi thu riaraicht' ri d'bheo ;
Tha thu 'g iarraidh do choir gach la ;
'S 'nuair chnamhas tu gu leor
Eadar chnamhainn is fheoil,
Tha thu rithisdj an toir air each.
Tha thu eolach air a bhas
Dol an comhnuidh ri shail,
Deanamh coir air na dh'fhagas e marbh ;
A's ann an lath do dha
Bheir thu leat iad gun dail,
Ged robh an dealachdain gabhaidh searbh.
Thug thu 'n leanabh o Mhathair,
'S cha do ghearan thu cas ;
N2

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence