Skip to main content

‹‹‹ prev (148)

(150) next ›››

(149)
145
Mhartibà ! Mhartha ! 's e thuirt e fein ri,
Tha iomad ni gad' chur troimh-cheile,
Ach feuch nach dibir thu 'n t-aon ni feumail,
Dh'fhag Mairi siochail on 's i bha 'g eisdeachd.
'S e an t-anam ailleagan airidh chreutair,
'S mu bhitheas e tearuint' se 'n t-aon ni feumail,
A's an dream a dh'f hagas e fo 'n an-eibhinn,
Bithidh bron a's bitkidh bas ac gu brath na dheigh sin.
Thainig am bas air na h-uile chreutair,
'S tha truaigh fas anns na h-uile ceuni. dhaibh,
Ach nis tha slainnt amis an Ti chaidh cheusadh,
Co saor 's is ail leibh do'n dream a dh'eisdeas.
'S e an t-aon ni feumail bin faighail eolas,
Air Uan Dè phaigh an eirig mhor sin,
Le chorp ga reubadh a's f hnil ga dortadh,
'S an shaor e shluagh o gach truaigh a's doruinn.
So 'n t-aon ni feumail nach treig gu brath iad.
Ni math 's gach ceum dhaibh 's theid trid a bhais leo,
Bhitheas feadh na siorruidhachd na thobar slainnt'
dhaibh
Toirt sonas buan daibh nach cualas aicheadh.
EEATTIA AN DUINE.
Tha guth Iehobhah 'g radh " Eigh ! "
Tha gach feol mar am feur,
Sinn uile siubhal le ceum'naibh luath,
Mar neach ag innseadh a sgeul,
Tha nar tim fo'n ghrein,
Tha sud toirt cinnt dhuinn gur feur an sluagh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence