Skip to main content

‹‹‹ prev (144)

(146) next ›››

(145)
141
Ma thug an t-Ard-Righ a mhac e gliloir.
Go uir a bliais agus t'huil a dhort,
Co i a mhathair a dhiultadh dhasan.
Am mac ab' allain bha riamh 'san fheoi.
Faic na suil nis g'an togail suas,
'S iad uile 'g urnuigli ri taobh a chuan,
'San cairdean bronach 's iad nis toirt pog dhaibh,
A's nial nan deoir air na h-uile gruaidh.
Tha na mathraichean 'g radh le bron,
Slan gu brath leibh an tir nam beo,
Tha an cridhe a fasg 's iad g'an gramach ladir,
RÌ8 a broilleach bhlath rinn an arach og.
'S a phiuthar ghradhach cha an fhearr a doigli,
Air son a brathair si fasg' nan dorn,
'S a falbh air lamh leis a's eis ga fagail,
'S a cridhe failling le gradh 's le bron.
Thug an t-Athair gaol dhaibh 's cha'n fliaod iad tamh,
Sgar e o cheile iad e fèin le lamh,
A's ged tha e treun a cumail air fèin,
Tha chridhe reubadh co mor ri each.
*S tha 'n dream thug gradh dhaibh air son an Uain,
Toirt sealladh blath orra dol tliun a chuain,
'S an dream gu h-araidh bha 'n coman blath riu,
Tha iad ro chraiteach bhi tionndadh uath.
Ach dh'fhalbh iad dluth nis le surd gu feum,
'S tha each ag urnuigh 'san suil n'an deigh,
Righ n'an sluagh bhith-s 'a dhaibh mar bhuachail,
'S gleidh thus' na-h-Uain ud gach taobh a theid.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence