Skip to main content

‹‹‹ prev (142)

(144) next ›››

(143)
1S9
Far 'm beil na banntraichean gann gu Ieor,
Le bhi ga'n adhlac 's ga'n losgadh beo,
Fagaidh iad claim gun bhi a gabhail truas diubh
'S cha'n fhaic sibh 'n gruaidhean a' chaoidh fo dheoir-
Theid sinn le sgeul daibh o Righ nan dul,
Ma'n ti chaiilli cheusaidh 's a luidh sa'n trir,
'S bheir gaol Mhic Dhe iad gu 'n cleachd a threigsinn,
A's bithidh gach te dhiubh na creutair ur.
A's do dh' Arabia sinne a theid,
Feadh iomadh duthaich 's Icrusalem fein,
'S tha sluagh gun aireamh air feadh nan aiteanns'
Toirt geill mar b'abhaist do'n fhaidh bhreig.
Chair Mahomed cleoc air le iomadh breug,
'S le 'm fuil a dhort' thug e an sluagh gu geill,
A gealltainn solas a reir na fed 1 daibh,
'S an t-siorruidheachd mhor far am bi q fein.
Ach gheibh iad eolas air aon mliac Dhe,
Rinn fhuil a dhort' air an son gu leir,
Is esa am fear-saoraidh 's mo bheir iad gaol da,
Ni fhuil-san naomh iad 'san t-saoghal-s 1 fein.
'S theid sinn gu comhnard Orrissa '11 t-ait,
'S am bi milltean sluaigh timchioll Tuggernaut,
A's iad gun chiall fo na cnibhle striochda,
'S cuidthrom na h-iomaigh ga'n cur gu bas.
'S e sud an dochas 's e sud an dian,
'S b'e 'n sealladh bronach an sluagh £iin chiall,
Bithidh cuid leth-bheo ann 's na coin 's na h-eoin ann,
Ag itheadh am feoil h-uile la sa bhliadhn'.
Theid sinn a thoirt luaidh dhaibh cho truagh 's tha 'n
cleachd,
'S gu'n glan fuil losa o na h-uile peac',
Bratach an uain cuiridh sinne suas i,
'S tionaillidh 'n sluagh bhitheas a gluasad na reachd.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence