Skip to main content

‹‹‹ prev (126)

(128) next ›››

(127)
123
Air son gu'n do chuir iad suarrach
An t-Uan le uile ghloir.
Ach 's sona 'n dream a dh'fhag iad,
'S a theich gu Paras Dè ;
Cha'n fhaic iad neach toirfc tair dha,
No bristeadh aitheantean fèin,
'S e th' ami an dream a bhuadhaich,
'S a lean an t-Uan 's gach ceum,
A's thiormaich e bho 'n uair sin,
'n gruaidh na h-uile dear.
Cha bhi 'n dream f huair gras
Deanamh tair air aon a cheil',
Cha bhi roinn, no pairtidh ami,
No neach gan ghradh do cheil',
Tha seachranaidh na fasaich
Air fhagail as an deigh ;
'S cha bhith Pol no Barnabas
A sarach aon a clieiT.
Sibhse rinn ar fagail,
'S a chuir am bas 'nar deigh,
Cha'n eagal leibh gu brath nis
Gu'n caill sibh f'abhoir Dhè :
Cha bhi buaireadh Shatain,
Xo failinn annaibh fèin,
'S cha d'thig Righ nan uamhas
'.Xar smuamtibh feadh gach re.
Fhuair sibh crun a's oighreachd,
'S tha 'r n-aoibhneas pailt gu leoir,
'S gu cinnteach tha sibh saibhir,
Mar oighreachan na gloir ;
Tha ghrian an comhnuidh soillseach,
'S cha d'thig an oidhche 'nar coir,
'S an t-l'an ar caraid gradhach
'S le laithreachd bitliidh sibh beo.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence