Skip to main content

‹‹‹ prev (121)

(123) next ›››

(122)
118
Ach is e sgeul is ro chraitich
Gu'm b' eil am bas ort a tighinn :
'S gu'n toir thu cunntas mar bha thu,
Ann an lathair a Bhreitheamh ;
Bheir thu cunntas ma d' ghluasad,
Do chainnt, a's smuaintean do chridhe,
A's iomadh trocair bha Iuachmhor,
'S gach gairm a fhuair thu gu tighinn.
An sin chi thu le searbhas
An earn feirg bha thu tional,
'S an eallach troin nach gabh giulan,
Bheir sios gu dluth thu gu peanas ;
'S bitheadh sud a meudach' do dhoruinn,
An t-al og bhi 'ga d' leannal,
S le d' eiseimpleir 's do sheoladh,
Gu'n d' rinn tliu 'n treorach' 'sa mhearaehd.
Ach tha trocair ann fathasd,
Am feadh 's tha latha na slaint' ann,
Tha sonas siorruidh ri f haotuinn
Ceart co saor 's a ni pr*" "
O'n chaidh an obair a ennoennaeh',
Ni na milltean a thearnadh,
'S a thionndai'eas mo ran o'n seachran,
Do na peacaich is graineil.
Ma's e 's gu'n creid thu an fhirinn,
Bheir an iobairt ud beo thu,
'S bheir i fireantachd bhuan duit,
A's athnuadhaiehidh t-oige ;
Theid a ghaol feadh do bhuaidhean',
'S ni thu uaill ann na mhorachd,
S bithidh fuil an Uain duit co priseal,
'S gur e do shith e 's do dhochas.
'S ged tha 'm peaeach ceud bliadhna,
Gach latha riamh fo na mhalluchd,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence