Skip to main content

‹‹‹ prev (113)

(115) next ›››

(114)
110
0'r; dirf (milling losa, a's gu'n deacli ;t cneusad.
'S gu'n d'thuirt e fein gu'm b'e sud a nihiann,
Gu'm bitheadh an fhirinn 'ga cuir an ceill
Dha na h-uile creutair tha fo na ghrian ;
Nise, nam bitheadh Biobull an lamh gach creutair,
Tha toil gn leughadh ann nach robh ann riamh ;
'S nam bitheadh an fhirinn 'ga cuir an ceill duinn,
Rachadh sinn 'ga h-eisdeachd ge b' ann air sliabh
A's ma gheibh sinn eolas air 'n Aon ghlormhor,
Rinn fhuil a dhortadh air Calbhari ;
Cuiridh sinn ar dochas 'na iobairt mhor-san,
'S bheir esan coir dhuinn air slaint' gun dith ,
Ni e ar treorach' o shlighe na doruiun,
'S ar cos a sheoladh air slighe na sith ;
'S focal Iehobhah bitheadh dhuinn 'na lochran,
A's cha 'n e na seolachain tha gun bhrigh.
Righ nan Sluagh ! 'se's fearr 'san uair so,
A bhi sealltuinn suas riut a'd ionad tamh ;
A's mar eisd an sluagh ruinn, a Righ gabh truaa
dhinn,
'S ar gearan truagh thigeadh ann do lath air ;
O'n tha thu beo, a's gur toil lea* trocair,
Thoir dhuinne eolas 's ann air do ghras ;
Ach cia mar labhradh sinn air an doigh sin,
'S ann air do mhorachd a rinn sinn tair.
Ach c'ait an d'theid sinn, no co ni feum dhuinn,
Cha'n 'eil fo 'n ghrein na ni dhuinn sta',
Ach Uan Dè, o'n 's e phaigh an eiric,
Le meud an eifeachd a bha 'na bhas ;
S ma gheibh sinn sgeul air 's gu'n dean sinn feum
dheth,
'S gu'n dean thu eisdeachd ruinn air a sgath,
Bitheadh sinn fa dhinn, 's theid sinn as o phiantaibK.
A seinn gu siorruidh air cliu do ghrais,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence