Skip to main content

‹‹‹ prev (111)

(113) next ›››

(112)
108
Gun taigse gun chial ac', ma tliimchiol siorruidheachd,
'S cha chual iad diadhachd bhi idir ann ;
Ach baist' a's posadh a's suidh aig orduighean,
B'e sud an dochas a bha nan ceann.
Ach cliu gu sonruicht' do Righ na Gloire,
Tha caochladh mor air tighinn oirnn san am,
Tha solus ghlormhor tighinn tre na cheo oirnn,
'S tha an t-uisge beo air dol feadh nan gleann ;
'S tha 'n dream bha gorach nis 'g iarraidh eolas,
'S e an eigh an comhnuidh nach d'thig sibh nail,
A theagasg eolas do Chaledonia,
Nach bi' sinn doruinneach aig a cheann.
Sibhs' a fhuair gras gabhaibh truathas 'na thrath dhinn,
Ma'n d'thig am bas oirnn 's nach bi sinn ann ;
Thigibh 's feuchaibh dhuinn rathad tearnaidh,
Gun eolas tha sinn, 's gun ghras 'san am ;
\S an luchd-teagasg blath sin, a dheanadh sta' dhuinn
Air feadh na Gaeltachd tha iad ro ghann,
'S cha tuig sinn Beurla 's cha Ieugh sinn Gaelic,
'S e am peac 1 'sam bas rinn ar fagail fann.
Sibhs' fhuair talann, a's gibht', a's grasan,
Labhraibh gu dan ruinn gun bhi nar tosd,
A's sibhse tha saibhir tha feum an trath s' air,
Nis comhnaibh each, a's na cunntaibh 'n cosd ;
'S gach neach fhuair gras bithibh 'g urnuigh ghnath,
Ris 'n Ti as airde' gun tamh, gun chlos,
Luchd-oibre araidh chuir feadh na Gaelteachd,
Am feadh a's ta sinn aig stol a chos.
B'e ar cleachd o'r n-oige bhi aotrom gorach,
Gun neach a seoladh dhuinn sligh' ni's fearr ;
Bhitheadh tional mor anns na tighinn-ceol dhinn,
Bhitheadh 6einn air orain, bhitheadh sporsa a's gaire,
Bhitheadh cuid le bosd deanamh mionnan mor ann,
'S an t-Ainm ro oirdheirc ga luaidh le tair,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence