Skip to main content

‹‹‹ prev (107)

(109) next ›››

(108)
104
Ach an dream a gheibh eolas,
'S tha creidsinn gach doruinn a t'ann,
'S tha nise ag eigheach, dean trocair,
Air neo bithidh sinn an doruinn gun cheann ;
'N mi direach an seoladh
Dh'ionnsuidh 'n iobairt as glormhor a th'ann,
'S cha'n f hailinn bunait an dochais,
Ma's i 'n f huil a chaidh dhort' air a chrann.
Ann an gnuis a Fhir-shaoruidh,
Chi iad trocair, a's gaol ann, a's gras,
'S bithidh mise a feuchainn a ghaol dhaibh,
Gus am faic iad co saor 's a tha slaint',
'S their mi, olaidh gu saor dheth,
'S e an t-uisge beo th'ann blieir daoine o'n bhas :
Sibhse tha tartmhor, na caomhnaibh,
Tha cuan mor ann 's cha traogh e gu brath.
San dream a chuireas an dochas,
Anns 'na geallanaibh mor bheir mi dha,
Gheibh e sith, agus trocair,
Gheibh e sonas, a's solas, a's gras ;
Gheibh e bas ann an dochas,
Ris an ais-eirigh ghlormhor is fearr ;
\S gheibh e oighreachd 'sa ghloir sin,
Far nach coinnich e bron ann gu brath.
Ach tha mi 'g innseadh gu saor dhaibh,
Chum 's nach meallear na daoine le sgail,
Gu'm bheil comhar' ri fhaotuinn,
Air gach neach air 'n do shaoruich mo ghras,
O'n nach eil iad gun truailleachd,
Bithidh iad dealluichte air uairibli am pairt ;
Ach bithidh iad naomha 'nan gluasad
Bithidh iad iriosal, stuama, thar chach.
Tha iad 'g aicheadli mi-dhiadh'achd,
'S thug iad fuath dha blii riarach' na feoil,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence