Skip to main content

‹‹‹ prev (77)

(79) next ›››

(78)
74
Mar sua tha'n t-Ai'd Bhuachaille,
Ga'n cuartachadh le lamh,
'S tha truas ann na chom,
Ris an dream tha trom le al.
Nis tha mi'n duil nach tionndaidh sibh,
A chainnt so gu mi-fheum, —
Gu'n rannsuich sibh gu curamach,
'S gu'n urnuigh sibh d'a reir ; —
Gu'n iarr sibh thoil a sheoladh dhuibh,
'S gu'm fas sibh 'n eolas Dè,
'S gu'n deanadh Kigh nan dul,
Nis air dluthacliadh ri cheil'.
Nis tuigibh chlann nan daoine,
An aonachd tha mi luaidh ;
Cha'n e daoine an t-saoghail so,
Th'anns dream thug gaol do'n Ùan —
Oir 's eigin da phairtidh bhi
Gu brath am meas an t-sluaigh,
Am feadh bhitheas sluagh gun ghras ann,
A's aireamh a thug buaidh.
Tha 'n inntinnean cho dealluichte,
'S tha 'n talamh o na neimh,
Is coir do'n f hior luchd faire,
Bhi 'gan sgarachduin o cheil',
A's gu'n bhi tabhairt coir dhaibh,
Air orduighean Mhic l)he,
A's iad gun Uia, gun dochas,
'S iad uile beo dhaibh fèin.
I anam thruaigh gun churam, nis
Nach duisg thu 's teich gu luath,
Mu'n d'theid nan neamha dhunadh ort,
'S an sin bithidh chuis ro thruagh ;
Ge do bhith' tu an aonachd lis
An dream thug gaol do'n Uan, —
Ni 'm bas na'r cuir o cheile,
Mar bi thu fèin dheth a shluagh !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence