Skip to main content

‹‹‹ prev (75)

(77) next ›››

(76)
72
Oha bhiadh a's deoch an rioghachd sin
Dheth 'm bheil nan naoimh an trath-s',
Ach firinnteachd, a's naomhachd,
'S an gaol sin nacli d'theid has
Sitli, agus aonachd,
'Se bheir air daoine fas,
Is fearr sud na eolas,
A's gibhtean mor gun ghras.
Is peacadh dhaibh ma gheilleas iad,
1 )o neach fo'n ghrein 'sa chas ;
'S ma shiubhlas iad 's na ceumnaibh sin.
Nach tuig iad fèin mar aithn',
'S e Iosa neach chaidh cheusadh
'S bithidh feum air aig a bhas ;
1 S e buaehaill nan treud e,
A's geillidh iad dha-s'.
'S tha'n earail air a dunadli dhuinn',
Le ughdaras ro mhor,
A's tha e trie ag innseadh dhuinn,
€ho chinnt' 's a tha e beo,
Gu'n tionail e na f hianuis,
(iach neach bha riamh sa'n f heoil
'S gu'm faigh gach neach d'a reir,
Mar thug e geill d' a ghloir.
A chlanna bheag 's a chairdean,
Ma ghradhaicheas sibh cheile,
Tha nithibh arm san al so,
Ni gairdeachas air neamh ;
Ma bhitheas Ephraim 's Iudah,
Nis dluthachadh ri cheil',
A's gu'n leum iad air guaillean,
Nan uabliraich gu leir.
'S iongantach am fabhor,
Fhuair an t-al 'sam bheil sinn fèin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence