Skip to main content

‹‹‹ prev (72)

(74) next ›››

(73)
69
'Se an teisteas bheir an fhirinn dhuinn,
'S a chi sinn anns gach ait',
Gur teirc an aireamh dhilis sin 7
Chaidh f hirinneachadh le gras ;
Tha iad gun Dia, gun dochas,
Deanamh cordadh ris a bhas ;
'San t-slighe leathann, dhoruinneach,
'Sam faigh an fheoil ni's aill.
'S e an earail thug an Slanaighear,
D'a chairdean, a's d'a chlann,
" Feuch nach dean sibh tarcuis air
" An aireamh bheag a th'ann ;
" 'Sann air an son a bhasaich mi,
" 'S iad m' ailleagain 's gach am,"
'S bithidh ainglibh neamh mar gheard orra
Bheir tearuinnte iad gu cheann.
'S e dh'fhag an dream ud aithnichte,
A's beannuichte thar chach,
Gu'n robh iad air an sonrachadh,
'An cumhnanta nan gras :
A's an Ti thug creidimh, 's dochas dhaibh,
A's eolas air a shlainte,
Fhuair iad nis an reite leis
An eifeachd bha 'na bhas.
Fhuair iad sealladh uamhasach,
Deth thruaigh chlann nan daoine,
Am peacadh gin, 's an truailleachd sin,
A bhuadhaich air gach aon ;
Ach nis cha'n 'eil diteadh dhaibh,
Chaidh am firinneach gu saor,
'Sann tha iad 'g iarraidh firinnteachd,
O'n Ti tha uile-naomh.
Bha'n oibre fèin deo-fhallan leo,
'S an aithreachas cha b'fhearr,
Fhuair iad mar luideag shalaich e.
Nach fallaicheadh an nair ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence