Skip to main content

‹‹‹ prev (67)

(69) next ›››

(68)
64
'S a gharrdean cha'n fhailiiiD,
'S e Ard Righ na gloir.
Na faiginn sa tuille fabhoir,
A's gras bheireadh buaidh,
Bhitheadh m'inntinn a tamh,
Anns an aros tha shuas ;
Ge d' bhithinn amis an fheoil,
Bhitheadh mo dochas gu buan,
jli aon latha mor,
Anns nach comhlaich mi truaigh.
Na'm faighinn tuille naomhaclid,
A's saorsa o'n Uan,
'S tuilleadh de na ghaol sin,
A shaor mi o'n truaigh ;
Thaisginn mo chuid or,
'San tigh-stoir sin tha shuas
Far nach goid na meirlich,
'S nach cnamh e le ruaidh.
Ach tha mi'n duil nach fhng thu ml,
Ard Righ nan sluagh,
Gu'm mothakh mi do laithaireaclui,
'S an gras thig a nuas ;
Cha mhor a ni m' shaothair,
Thig daori«a orm 's gruaim,
Mur bi mi air an t-saoghal,
A sior f haotuinn buaidh.
Air sgath an ti chaidh cheusadh,
Thoir fèin dhomh a bhuaidh ;
Ma shaor thu o'n Eiphit,
'S ma reub thu Mhuir Ruadh,
Na fag mi 'san fhasach,
Mu'm basaich mi truagh,
Ach treoraich air laimh m^
Gu tir Chanain shuas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence