Skip to main content

‹‹‹ prev (55)

(57) next ›››

(56)
62
Ach na traillean nach b'f hiach ;
A rinn e sgiamhach le shlainte,
O'n bha ghras dhaibh clio fial.
Ma's neach thu th'air do naomhach',
Faic a ghaol tha gun cheann ;
'Nuair chaidh fhoilseach 'san t-saoghail-s'
'S e t-Fhear-saoraidh a bh'ann ;
Mu'n d' fheud e do thearnadh,
Fhuair e 'm bas air a chrann ;
S o'n rinn e sgiamhach le shlaint' thu,
Thoir do ghradh dha 's gach am.
Fetich gu'n lean thu a cheum' na,
Mar rinn Enoch a's Pol ;
'S na h-uile aon a thug speis dha,
Cha b'ann dhaibh fein bha iad beo ;
Cha sgaradh beatha, no bas iad,
O Ard-Righ na gloir ;
'S gu'n d'rinn e sgiamhach le shlaint 1 iad,
O'n bha ghradh dhaibh cho mor.
'S thuirt an te fhuair cinnt air,
'S a bha 'ga innseadh gu saor ;
Sgapaibh ubhlan mu m' thimchioll,
Oir tha mi tinn, 's arm le gaol ;
Tha mo chiidhe air failinn,
O'n bha ghras dhomh cho saor ;
'S gu'n d'rinn e sgiamhach le shlaint' mi—
'S e mo Shlanaighear caomh.
\S e thuirt nigheana 'n t-saoghail-s\
Ma 's e ghaol thug ort buaidh ;
Innis dhuinne ciod an t-aobhar,
Ma'm bheil do ghaol dha cho buan ;
Chunnaic sinn e 'san fhasach,
'S 'se bu taireil deth an t-sluagh ;
Cha robh sgiamh ann, no ailteachd,
'S ghabh e tamh anns an uaigh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence