Skip to main content

‹‹‹ prev (52)

(54) next ›››

(53)
49
Gu'n d'thug Iosa lan-dioladh,
A thug do cheartas sar-riarach,
A's le firinnteachd shiorruidh
Gu'n d'thug e sith-chainnt mu'n cuairt
A's on phaidh e na fiachan
Co ris dh'iarras feich uainn ?
'3 an dream a chreideas an f hirinn,
Bheir e ris iad o'n truaigh ;
Bheir e solas a's sith dhaibh,
'S bheir e dochas a ris dhaibh,
Ris a ghloir tha neo-chriochnach,
Anns an rioghachd thu shuas :
'S bitliidh na creutairean naomh sin,
Do'n Fhear-shaoraidh mar dhuais.
Sibhse a chreid an sgeul aoibhinn,
'S a rinn e saibhir le ghras ;
Feuch gu'n gluais sibh gu dileas,
Anns gach ceum mar rinn Iosa,
Mar is cubhaidh do'n f hirinn,
A's do rioghachd a ghras ;
Ann an eud, a's arm an naomhachd,
Ann an aonachd, a"s an gradh.
Na bitheadh mi-run, no farmad,
Na bitheadh seannachas gun bhrigh ;
Na bitheadh diteadh gun dearbhadh,
'S na bitheadh strith no eud searbh aim,
Am measg nam firean a ta 'g ainmach,
Gu'n d'f huair an anamanna sith ;
A's bitheadh an teo-chridheachd cairdeal
Le gradh brathairel 's gach tim.
Ge do tha sibh \san trath-sa,
Ann am fasaich bbochd, i'huar;
Air bhur cuartach le trioblaid,
A's am peacadh a' strith ribh.
Ma 's e a's gu'n gleachd sibh gu dileas
B

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence