Skip to main content

‹‹‹ prev (17)

(19) next ›››

(18)
14
Ach gheill am bas a's cho do chum an uaigh e,
'S mar ghaisgeach laidir 's ann thug e buaidh leis,
'S chunna mi gun dail e dol suas gu Parras,
'S fear tagraidh ard ami an ait a shluaigh e.
'S air a chrann 'nuair bha fhuil ga dortadh,
'Sheall e nail 's thug e sealladh mor orm,
'S their leam gun d' eigh e, stusa rinn mo cheusadh,
'S tu rinn mo reubadh a's m' fhuil a dhortadh.
'S ann chum do shaoradh thainig am bas orm.
On thug mi gaol dhuit chum do theamadh,
A's tha mo dhuil nach dean thu mo dhiultadh,
Gu'm bi do shuil rium, 's nach dean thu m' aicheadh.
'S mu bhitheas an saoghal na buairean Shatan,
Ga 'd thoirt a tha*>bh gus am fuaraich gradh dhomh,
Teich as gu dluth mu'n dean sud do chiurradh,
'8 gabh beachd as ur do na lotain bais so.
Dh' fharaicfa mi saorsa tighinn orm san uair sin
'8 dh' fharaich mi ghaol a dol feadh mo bhuaighean,
'S chuir mise mo dhocas na fhuil chaidh dhortadh
'S bi mise ri m' bheo tuille deanamh luaidh air.
Oir tha mi 'n dochas gun eirich mo shaoghal,
Gu 'm bi mi beo leis, 's ou'n d' thoir mi gaol da,
'S gu'n iarr mi seoladh uaith chum a ghloireach,
'S gu'm faigh mi treorach an spiorad naomh uaith,
Se m' urnuigh an comhnuidh airson an t-saoghail,
Gu 'm faigh iad eolas air an neach a shaor mi,
An sin chi iad fhein e gur fior an sgeul e,
'S mar creid iad fhein e gu 'm bi e daor dhaibh.
'S tha mise an dochas gun caith mi siorruidheachd,
An leith ri 'mhorachd, 's a ghnuis mar ghrian dhomh.
'S gu 'm faic mi beo ann na uile ghloir e,
'S mi seinn nan orain 's nach fas mi cianail.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence