Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
23
An lathair High na gloir ;
Mur tog e chrann-ceusaidh,
'S mo leantuinn fein gach lo.
Ach sibhse a lean gu dilis mi,
Le cridhe fior gun gho ;
A threig gach ni bha priseal leibh,
'S a chuir fo chis an f lieoil ;
Ma ghluaiseas sibh 's an fhirinn,
Bithidh 'ur sith mar abhuinn mhor ;
'S le buanach chum na criche dhuibh,
Theid sibh do rioghachd na gloir,
Na dibiribh 's an f hasach so
Mo gliras a chur an ceill ;
Innsibh anns gach aite, gu'n
Do bhasaich aon ]Mhac Dhe ;
Thugadh gu saor do chach uaibh,
A ni thug slainnt' dhuibh fein,
'S ma clireideas iad san t-Slanaighear,
Cinnte, rinn e an aird an reit'.
An aithne nuadh a dh'fhag mi dhuibh,
Is ail learn cur an ceil ;
Gu's an aithnich iad mo chairdibh-sa,
Le meud an graidh do cheile ;
Coi'-lionaibh nis mo gliairdeachas,
Gu'm bi sibh ghnath gu reith ;
'S bith mis ag ullach aite dhuibh,
A stigh am Parras Dè.
Ged tha sibh lag, cha chuvam duibh,
A's bhur suil ri Righ na gloir ;
Is laidir air 'ur cul-thaobh rni,
'S mo gradh dhuibh ur gach lo ;
Na h-uisgeachan cha mhuch iad sibh,
Ged dhuisg na tuinn gu mor ;
'S an teine cha dean ciurradh oirbh,
Bithidh sibh 's an fhurnais bheo.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence