Skip to main content

‹‹‹ prev (73)

(75) next ›››

(74)
70
gaidh, a Thighearn, nach aithne dhuit gu leir.
5. A'm" dhèigh agus romham chuairtich thu
mi, agus chuir thu do làmh orm.
6. Is ro-iongantach an t-eòlas so air mo
shon : tha e àrd, cha ruig mi air.
7. Càit an teid mi o do spiorad ? agus c'àit
an teich mi o do ghnùis ?
8. Ma thèid mi suas do nèamh, tha thu an
sin ; ma ni mi mo leabadh ann an ifrinn, feuch,
tha thu an sin.
9. Ma ghabhas mi sgiatha na maidne, agus
gu còmhnuich mi ann an ionadaibh iomallach
na fairge ;
10. Eadhon an sin stiùraidh do làmh mi,
agus cumaidh do dheas làmh mi.
11. Ma their mi, Gu deimhin folaichidh an
dorchadas mi, bithidh an oidhche fein mar
gholus mu'n cuairt orm.
NA DEICII AITHEANTAN.
Labhair Dia na briathra so uile, ag ràdh, Is mise
an Tighearna do Dhia, a thug a mach thu à tìr na
h-Eiphit, à tigh na daorsa.
I. Na biodh dèe sam bith eile agad a'm' làthair-sa.
II. Na dean dhuit fèin dealbh snaidhte, no cos-
las sam bith a dh'aon ni, a ta sna nèamhaibh shuas,
no air an talamh shios, no sna h-uisgeachaibh
fuidh 'n talamh. Na crom thu fèìn sios doibh,
agus na dean seirbhis doibh : oir mise an Tigh-
earna do Dhia, is Dia cudmhor mi, a' leantuinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence