Skip to main content

‹‹‹ prev (64)

(66) next ›››

(65)
61
aoibhneacb, agus an uair a Jiuislicheas e, na
deanadh do chridhe gairdeachas :
18. Air eagal gu'm faic an Tighearn, agus
gu'm bi e olc 'na shùihbh, agus gu'n tionndaidh
e 'fhearg uaith.
19. Na bi campar ort mu dhroch dhaoine,
agus na gabh farmad ris na h-aingidh :
20. Oir cha bhi crioch mhaith air an droch
dhuine ; cuirear lòchran nan aingidh as.
Caib. XXV. — 6. Na gabh urram dhuit fein
ann am fianuis an righ, agus na seas ann an
àite dhaoine mòra :
7. Oir is fearr gu'n abrar ruit, Thig an
nios an so, na gu'n cuirear sios thu am fianuis
an uachdarain a chunnaic do shùilean.
8. Na gabh a mach gu h-obann gu strì, air
eagal nach bi fios agad ciod a ni thu 'na dhèigh
sin, an uair a bheir do choimhearsnach gu
nàire thu.
9. Tagair do chùis ri d' choimhearsnach,
agus na foiUsich rùn-diomhair neach eile :
10. Air eagal gu'n cuir an ti a chluinneas
gu nàire thu, agus nach atharraichear do
mhasladh.
11. Mar ubhlan òir ann an dealbhaibh air-
gid, tha focal a labhrar gu h-iomchuidh.
21. Ma bhios do namhaid ocrach, thoir aran
dha r''a itheadh ; agus ma bhios e iotmhor
thoir uiscre dha r'a òl :

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence