Skip to main content

‹‹‹ prev (335)

(337) next ›››

(336)
iJl4 TIGHMORA. puANvn.
Dòmhail am meadhon na sgèithe
Tha lasadh Tuinn-theine gun neul, 275
An rionnag, a sheall ro' 'n oidhche
Air Lear-thonn a* chuain mhòir ;
Lear-thonn, ceann-feadhna nam Bolg,
An ceud fhear a shiubhail air gaoith.
Leathan sgaoil siuil bhàn an righ 280
Gu Innis-fàil nan iomadh sruth.
Thaom oidhche air aghaidh a' chuain,
Agus ceathach nan truscan dubh ;
Bha gaoth a* caochladh dlùth san speur ;
Leum luingeas o thuinn gu tuinn ; 285
'Nuair dh*èirich Tonn-theine nan stuadh,
Caoin shealladh o bhriseadh nan nial.
B' aiteas do Lear-thonn tein iuil nam buadh,
A' deahadh air doimhne nan sìan.
Fo shleagh Chathmoir nan colg sean, 290
Dhùisg an guth a dhùisgeadh baird :
Thaom iad dubh o thaobh nan sHabh
Le clàrsaich ghrinn 's gach làimh.
Le aiteas mòr sheas romp' an righ,
Mar fhear-siubhail ri teas là 'n gieann, 295
'Nuair chluinneas e fada san rèidh
Caoin thorman sruthain nam beann,
Sruthain a bhriseas san fhàsacli
O charraig thaobh-ghlas nan ruadh-bhoc.
" C* arson a chluinneam guth ard an righ 300
'N àm codail an oidhche nam fras ?
Am facas tanas nach beò
Measg t'aisling ag aomadh glas ?
Air neul am bheil an àiteach fuar
A* feitheamh fonn Fhonnair nam fleagh ? 30^
3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence