Skip to main content

‹‹‹ prev (327)

(329) next ›››

(328)
306 TIGHMORA. duan vii.
A* taomadh ceò tanais gu dlùth
Air Faolan aig Lubar nan sruth. 20
Muladach suidhe fo bhròn
Dh*aom an taibhs an ceathach an lòin :
Thaom an osag esan ann fèin ;
Ach phill an cruth àluinn gu dian : .
Phill e le 'chrom shealladh mall, 25
Le *cheò-leadan mar shiubhal nan sìan.
Is doilleir so !
Ata na slòigh 'nan suain san àm
An truscan ciar na h-oidhche.
Dh'ìlsich tein' an righ gu h-ard, 30
Dh'aom e 'na aonar air sgèith :
Thuit codal mu shùihbh a' ghaisgich ;
Thàinig guth Fhaolain 'na chluais.
" An codal so do 'n fhear-phòsda aig Clatho ?
'M bheil còmhnuidli do m' athair an suain ? 35
'M bheil cuimhne 's mi 'n truscan nan nial,
'S mi m* aonar an àm na h-oidhche ?"
" C' ar son tha thu a'm' aisHng fèin ?"
Thuirt Fionnghal 's e 'g èirigh grad.
" An di-chuimhn dhomhsa mo mhac 40
No 'shiubhal teine air rèidhlean nan laoch ?
Ni mar sin air anam an righ
Thig gniomh sheòd àluinn nan cruaidh bheum.
Ni 'n dealan iad a theicheas an dùbhra
Na h-oidhche 's nach fàg a lorg. 45
'S cuimhne leam Faolan *na shuain :
Tha in' anam ag èirigh borb."
Ghluais an righ le 'shleagh gu grad,
Bhuail e 'n sgiath is fuaimnich cop ;
An sgiath a dh'aom san oidhche ard, 50

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence