Skip to main content

‹‹‹ prev (323)

(325) next ›››

(324)
302 TIGHMORA. DUAN vi.
" Dhomhsa," thuirt Cathmor an treim,
" Cha 'n èii'ich fonn nan teud no dàn
O Fhonnar aig Lùbar nan leum :
Bha iad neartor tha sìnnte thall ;
Na fuadaichsa mall thriall nam fuath. 375
Fada, Mhalthos, fada uam,
Biodh Eirinn le luaidh is le fonn ;
Cha 'n'eil sòlas mu nàmhaid tha fuar,
'S nach èireadh sleagh suas le sonn.
Le maduinn a thaomas ar neart ; 380
Tha FionnghaJ fo bheart air a* chruaich."
Mar thonnaibh dol air an ais fo ghaoith,
Thaom Eirinn o thaobh an righ :
Dubh dòmhail an raonaibh na h-oidhche
Sgaoil crònan gun soiUse o shluagh. 285
Fo chraoibh o bheinn gach bard air àm
Na shuidhe thall fo *chlàrsaich fèin ;
Thog iad am fonn nach robh gann,
Is bhuail iad ceòl caol mall o theud,
Gach aon diubh do thriath do 'n robh luaidh. 390
Ri losgadh an daraich bha thall,
Bhuail Sùilmhalla mall an teud ;
Bhuail i clàrsach o àm gu àm,
Gaoth ag iadhadh mu chiabha nam beus.
An dùbhra dubh bha Cathmor fèin, 395
Fo chraoibh a bha aosda a cheann.
Bha lasadh an daraich o'n treun ;
Chunnaic e i ; cha 'n fhac i e thall ;
Bha 'anam a' taomadh gu dìomhair,
'Nuair a chunnaic e shìos a sùil mhall ; 400
Ach tha cruadal nam blàr 'nad chòir.
Mhic Borbair nam mòr thriath.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence