Skip to main content

‹‹‹ prev (305)

(307) next ›››

(306)
284. TIGHMORA, i>nAN v.
An caol ghleannan Chlòna fo dhubh
Tha aomadh dà chraoibhe thair an t-sruth ;
An sin sheas sàmhach am bròn
Sìol Dhuthno nan còmhrag còrr ;
Fuil a' taomadh 's ag iadhadh m'a thaobli, 245
A sgiath sgoiUt* 's briste air raon.
Ri carraig sheas a shleagh mhòr.
C'uim, a Dhearmuid, cho dubhach do bhròn ?
*' Tha mi cluinntinn garbh fhuaim a' chòmhraig
Mo chairde air chòmhnard leò fèin, , 250
Mo cheuma gu mall, air a' mhòr mhagh ;
Sgiath bhriste an comhstri gun fheum.
Am bi esan a ghnàth fo bhuaidh ?
Bithidh Dearmud san uaigh le chu,
Seal mu 'n èirich an dùbhra suas. 255
Gairmidh mi thusa gu còmhrag,
Is tachram ri mòrchuis Fholdaith.'*
Ghlac e shleagh ie sòlas ciar,
Mac Mhorni an triath g'a thaobh.
" Mhic Dhuthno, caisg-sa do luaths ; 260
Tha do cheuma gun tuar fo f huil ;
Cha leatsa garbh chopan do sgèith ;
C'uim a thuiteadh an triath gun airm ?"
'* Shìl Morni, dhomhsa do sgiath ;
Is tric a dh'aom i sìos an còmhrag : 265
Caisgìdh mi shiubhal air sHabh.
Shìl Morni, faic clach air chòmhnard ;
Clach a thog a hath cheann suas
Roi' 'n fheur a tha fuaim an gaoith :
Tha treun do mo chinneadh san uaigh ; 270
Tàisg an sin mi suas san oidhche."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence