Skip to main content

‹‹‹ prev (300)

(302) next ›››

(301)
DUAN V. TIGHMOKA. 2T&
*Nuiair a thigeadh sliochd mòrchuis gun fheum,
Cha tuiteadh iad fèin fo mo rosg
Fo dhi-chuimhn an talla nan teud,
Mar dhubh.cheò o bheinn a' sìoladh. 85
Tha dealan ùr dol suas g'ur còir :
Cha lìonor an còmhrag a cheuma j
Cha lìonor ; ach tha e gu còrr.
Cumaibh an dubh-chiabh òg o èiginn ;
Thugaibh air ais Fillean le sòlas. 90
'Na dhèigh so bi'dh 'chòmhrag 'na aonar.
Tha dhealbhsa mar shinns're nan còrr ghnìomh j
Tha 'anam mar dhealan an cliu.
Mhòir mhic Mhorni a' mhòir charbaid,
Biodh do cheuma a' falbh m'an òg ; 9S
Biodh do ghlaodh 'na chluais le garbh ghuth
O chirb is o fhalbhan a' chòmhraig.
Cha 'n ann gun fhios tha feum do thriath
Ard bhriseadh nan sgiath an comhstri."
Shìn an righ a cheum gun dàil 100
Gu ard charraig chathair Chormuilj
O àm gu àm bliuail dearrsa thall
A ghorm-sgiath nam ball 's na mòrchuis,
'Nuair ghluaiseas mall ard righ nan triath,
Tha 'shùil a' sealltuinn borb o thaobh 105
Mu shiubhal nan daoin* a* dùnadh.
Leth liath a bha chiabha sa' ghaoith
M* a ghnùis nach robh faoin fo dhùbhra,
A thuar a' lasadh le sòlas fiar,
Mise dorchadh 's a' triall 'na dhèigh. 1 10
A nis a thàinig Gall an triath,
A sgiath bhallach air iall ri laoch ;
Labhair e, 's e grad a* dol sìos ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence