Skip to main content

‹‹‹ prev (287)

(289) next ›››

(288)
266 TIGHMORA.
DUAN IV,
An treas là a bhriseadh o chuan, 145
Thàinig Fili nan luaidh le dàn
O shruthaibh is chruachaibh Eirinn.
Labhair e air thogail na sgèithe
An Selma nan triath ; labhair e
Mu chunnart Chairbre, cinn nam Bolg. 150
Thog Cathmor a shiuil an Clùba ;
Bha na gaotha an cùl nan tìr thaìl.
Tri lài bha *chòmhnuidh air tràigh,
A shùile *g iadhadh mu ard thalla Chonmhoir ;
Nighean coigrich 'na chuimhne a ghnàth, 155
Bha *osna ard an còmhnuidh.
Fo ùrachadh gaoith air a* chuan
An armaibh o chruaich thàinig òg
Thogail lainn fo Chathmor nan sluagh
Air raonaibh fo f huaim a* chòmhraig, 160
Sùilmhalla nan ruighe geal-làmh
'S i dìomhair fo cheann-bheart do chruaidh,
A ceuma an aisre an t-sàir ;
A gorm-shìiil àg iadhadh le sòlas
Mu mhòr thriath, 's a chòmhnuidh m'a shruth.
Bu bharail le Cathmor an treun 166
Gu'n robh ceuma nam beus air Lumon,
'S i dlùthadh aìr àros nan ruadh ;
Bu bharail gu'n robh làmh-gheal thall
A* togail mall a ruighe do ghaoith 170
A* taomadh caoin o Eirinn aird,
Talamh uain a h-annsa fèin.
Gheall e gu 'n tilleadh e le ràimh,
Le siuil bhàn gu 'ghràdh fo ghruaim.
Tha *n òigh gu teann ort f hèin, a Chathmhoir,
Aig carraig nan clach, 's i fo chruaidh. 176

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence