Skip to main content

‹‹‹ prev (283)

(285) next ›››

(284)
262 TIGHMORA. duan iv.
Mo ghuth mar ghaoith tha tlàth is treun,
Chuireas o speur gach ceò is dubh.
Sgaoil siuil gheal fo fhocal suas 20
Ri gaoith a bha fuaim o Chòna ;
Bha tri cheud òig-fhear a' chuain
A* coimhead cruaidh chopan a' chòmhraig :
Air a* chrann an airde bha 'n sgiath
Dealradh sìos air doimhne nam beuc. . 25
'Nuair thuit an oidhche gu dubh o liath,
Bhuail mi cop caismeachd nam beum ;
Bhuail mi is choimhid mi suas
Mu ruadh-chiabh is teine lùl-Eirinn.
Cha b'fhada uainn reul ùr nan stuadh, 30
A dearg shiubhal gluasad measg nial.
Lean mi lùl thaitneach a' chuain
Fo bhoiUsgibh fann fuar, is i triall.
Le madainn dhruid Eirinn an ceò ;
Bhuail sinn caladh mòr Mhoilèna, 55
Gorm shiubhal nan uisge fo thòrr,
Am meadhon fuaim coille ag èirigli.
Cormac 'na thalla dhìomhair fèin
O neart Cholc-ullaimh, triath nam faobh.
Cha 'n es* a mhàin a theich o'n treun j 40
Bha Roscranna nam beus ri thaobh ;
Roscranna nan gorm-shùl gun bheud,
Nighean gheal-làmhach àiUidh an righ.
Glas, liath is air crann bha gun chruaidh
Ghluais suas gu m' cheumaibh Cormac ; 4,>
Fiamh gàire air gaisgeach nam buadh,
Bha dorran air anam is dòruinn.
" Chi mi airm ghailbheach Thrèìnmhòir ;
An so fèin tha ceuma an righ ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence