Skip to main content

‹‹‹ prev (245)

(247) next ›››

(246)
224 TIGHMORA. duan i.
Tha *ruighe an soillse a neirt,
A chòmhraga 'g iadhadh mu chliu.
An t-anam beag mar chearb do cheò,
Tha còmhnuidh mu loch gun ghaoith.
Cha ghluais e mu na cruachaibh mòr, 695
Eagal gu *n tig *na chòir *s e faoin,
Osag fhiar o fhaobhar nam beann ;
Tha 'chòmhnuidh am meadhon nan carraig
A' gluasad gath tannais a* bhàis,
Tha ar n-oig're, a ghaisgeàcha treun, 700
Mar an sinns're fèin fo chliu
'N an òige mcasg chomhstri nam beum.
Thuit iadsa le beus san ùir.
Tha Fionnghal fèin an dùbhra mall
Nam bliadhna thall. Na tuiteam fèin, 705
Mar dharaig thar sruth a tha gann ;
'Na ghaire tha ceuma an t-sealgair,
'S i sìnnte seargta fo gharbh-ghaoith ;
Cia mar thuit an crann so fèin !
'S e feadaireachd 's a leum air falbh. 710
Togar suas am fonn, an aird,
Fonn sòlais a bharda Mhòirbheinn.
Cuirear dìchuimhn air àm a dh'f halbh j
Biodh gach anam mu gharbh chòmhrag.
Tha reulta a sealtuin o nial, 715
An sàmhchair dol sìos gu tuinn.
Grad thig an dearsa gu h-iar
A' feuchainn gu 'n trian naimhde Chormaic.
Fhillein, a mhic, gabh mo shleagh,
Gluais gu Mòra nam mala ciar ; 720
Biodh do shealladh aig astar nan sliabh ;
Coimhid gu 'n trian ar nainihde ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence