Skip to main content

‹‹‹ prev (179)

(181) next ›››

(180)
15» FIONNGHAL. duan iv.
Bidh mo lann r'ar cùl 'sa bheinn
Ag cumail o bheud mo shluaigh. 180
Na faiceam a chaoidh ar feum,
'S mac Mhorni 'na eididh cruaidh,
Sàr cheannard nan treun-fhear sa* bhlàr,
Mu 'm bi na fir-dàn a' luaidh.
Chaol-thannais nan triath nach beò, 185
Tha marcachd air ceò sa' ghaoith,
Glacaibh na thuiteas gun deò,
Is togaibh gu Cromla na laoich ;
Fhuar osag Lèna, iomraich thall
Thar aigein na trèin gu 'n tir ; 190
Thigeadh iad air m' aisHnge mall
Chur aoibhnis air m' anam an sìth.
Fhillein, is Oscair nan ciabh donn,
Oig Roinne, nach lom cruaidh,
Gluaisibh le cruadal fo 'n t-sonn, 195
Mac Mhorni a's mòr san ruaig ;
Biodh 'ur lanna mar a lann san stri ;
Faicibh a ghniomh nach clith sa' bhlàr j
O bheud cùmt' ùr càirde san fhrìth,
'Cur cuimhn aìr gach ti a dh'fhalbh. 20O
Chithear air uair mo laoich shàr,
'N dèigh tuiteam an Eirinn sa' chòmhrag ;
Chithear tannais gun tuar sa' charn
Air neoil agus fuar-ghaoith Chòna,"
Mar nial ri stoirm a's duirche gruaim, 205
Is iomall a' lasadh le dealan,
Gu iar le gath maduinn fo ruaig,
Mar sin ghabh righ Shelma am bealach.
Mar f huathas bha solus nan arm,
Dà shleagh ro gharbh 'na làimh, 210

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence