Skip to main content

‹‹‹ prev (160)

(162) next ›››

(161)
ftUAN in.
FIONNGHAL. 13^
Fa chomliair aii talla'n robh fleagh, ii.-j
Chruinnich o'n t-seilg an sluagh ;
Thàinig borb-Starn* le 'shleagh,
Dhubh-mhala mar nial air stuadh,
'S a shùil mar ruadh-thein oidhche.
" Thig-sa," thuirt Starno na strì, 120
** Aghaidh shneachda a*s mìne glòr.
Cha robii do chòmhradh flioin do 'n righ ;
Air a làimh tha fior-fhuii an t-sluaigh.'*
Thàinig le 'dearg-shùil fo dheoir,
A ciabh bu chòrr a sgaoileadh ard, 125
A brollach bàn fo osnaidh mhoir.
Co ghcal ri cobhar sruth nan carn.
Bhuail Starno a chruaidh 'na taobh ;
Dh'aom i mar chuitheamh air an t-sliabh
'N àm tuiteam o Liath-lic an fhraoich, 130
'S fuaim a' gluasad o 'n aonach chiar,
'Nuair is sàmhach a' choill' 's an t-ard,
Is mac-talla snàmh sa* ghleann.
Thug Fionnghal sìiil air a shluagh,
Is dh'èirich a shluagh fo àirm. 135
Bha 'n còmhrag mar charraid nan stuadh.
Chaidh Lochlin fo ruaig san stoirm.
Thog e òigh bu ghlaise snuagh,
Ainnir fharast, bu mhìn gnò.
Chuir a luingeas ri iomairt a' chuain ; 140
Fo Ardbheinn tha 'h-uaigh san rèidh ;
Tha stuadh mu 'tigh caol gun leus.
" Ceud fàilt air t-anam, a gheug,"
Thuirt Cuchullin bu treun làmh.
" Ceud fàilt air bàrd, a's binne beul, 145
'S air gaisirearh mn *n d'eirich dàn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence