Skip to main content

‹‹‹ prev (111)

(113) next ›››

(112)
92 CALTHONN IS CAOLMHAL.
Ri Calthonn còrr nan carbad liiath. 215
Sheas Calthonn fèin fo bhròn,
Fo bhròn mu Chohnar, a thuit sìos,
Colmar glan, a thuit 's e òg,
Seal mu 'n d* èirich a chliu fo sgèith.
Cuir suas fonn ciar a' bhròin, 220
A bhaird tha còrr ; tha triath fo luaidh.
Sheas esa fo dharaig mhòir,
Tric a* tilgeadh air lòn a chruaidh.
Bha rosga caoin Chaoihnhal fo dheoir,
Gu dìomhair, ach mòr m*a gruaidh : 225
Chunnaic i bàs a h-athar fèin,
No tuiteam an trèin o Chluai.
Theich oidhche gu bloigh o na speur* ;
Thuit sàmhchair is dùbhra mu mhagh j
Bha 'anam ag aomadh dha fèin, 230
ladhadh cadail mu threun nan sleagli :
Leth-fhosgladh sùile do*n triath,
Toirm Thuaide a* fiaradh m'a chluais :
Gun tuar, 's a' luaidh a lota mòr,
Thàinig fuath (fuathas) Cholmair gu 'leus ; 235
Bha 'aomadh thar triath nan tùr còrr,
Is mhosgail gann is fann a ghuth.
*' An cadal so do mhac nan sgiath,
Oidhche fo hath, a bhràthair shìos ?
Nach d'èirich gu seilge nan sHabh, 240
'Nuair a lean sinn na ciara mu chruaich ?
Cha do dhi-chuimhn' thu Cohnar, a thriath',
Ach aig iadhadh a' bhàis m' a 'òige ;
Tha mi gun tuar fo chruaich an lòin ;
Eireadh Calthonn ; là òg ag èirigh ; 245
Thig Dunthalmo le gnìomh neo-chòir."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence