Skip to main content

‹‹‹ prev (105)

(107) next ›››

(106)
86 CALTHONN IS CAOLMHAL.
Sgiath mhòr Oisein an aird an talla
Fo chomhara scara nan còmhrag ?
Thrèig an soillse glan a balla, 25
Tha meirg air a ballaibh, mo dhòruinn !
An sgiath sin fèin air taobh an trèin,
Fir riaghlaidh nan ceud air Tuaide ;
Air thaobh Dhunthalmo nam mòr bheum,
Seal mu 'n thuit e fo gheur na cruaidhse. 30
Cluinn-sa, fhir tuinidh nan còs ciar,
Mòr sgeul air na bHadhnaibh tha thall.
Mòr Rathmor nan triath ri Cluai.
Thuinidh lagaich na truaighe fò 'thlàth ;
Cha do dhùnadh riamh dorsa nam buadh, 35
Cuirm is fleagh a' dol suas a ghnàth.
Thàinig sìol coigrich nan Gall
Le fàilte gii sàr na fèile ;
Thog barda na duana 's na dàin ;
Bhuaileadh clàrsaiche mall fo theudaibh ; 40
Las sòlas an eudan a' bhròin.
Dunthaimo còrr, an ardain mhòir,
Ghluais e grad an còmhrag Rathmhoir :
Bhuain triath na Cluai a bhuaidh bu chòrr ;
Dunthalmo fo fheirg, is e lasadh. | 45
Thàinig fo oidhche le *shluagh ;
Thuit Rathmor fo chruaidh nan lann ;
Thuit e an talla nan luaidh,
Anns *na sgaoileadh fleagh luath nach gann,
'Nuair bhiodh ^. jigrich nan Gail m'an cuairt. 50
Bha Colmar is Calthonn an òige,
Dà mhac còrr triath mhòir nan carbad j
Thàinig iad le sòlas is mòrchuis
Gu talla mòr an athar fèin ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence