Skip to main content

‹‹‹ prev (60)

(62) next ›››

(61)
CARRAIG-THURA. 41
Tliogadh leam an uaìgh sa' bhlàr.
C' ar son tha thu t-aonar shuas ; 175
Air iomall nan cruach leat fèin ?'*
«' Am aonar tha mis% a Shihùc ;
Am aonar ìosal an tigh geamhruidh ;
Le bròn thuit mi mu mo luaidh
Gun tuar anns an uaigh, a Shihic !'* 180
Dh'fhalbh i mar fhaileus fo ghaoith,
Mar cheò air an fhraoch an gruaim.
** Nach fan thu, Bhinnbheil, 's tu faoin ?
Fan, is faic mo dheoir, 's mi truagh.
Is àluinn do chruth an ceò, 1 85
B' àluinn thu ri d' bheò, a Bhinnbhèil.
Suidhidh mi aig fuaran fuar
Air mullach na cruaiche an gaoith ;
Am meadhon là, is e gun fhuaim,
Labhairsa, mo luaidh, san fhraoch. 190
Thigsa, Bhinnbheil, air an osaig,
Air aiteal an dosan nan carn ;
Cluinneam do ghuth, is tu 'm f hochair,
Air meadhon là an sàmhchair thall."
Measg aoibhneis an talla nam fear, 195
Mar so thog Cronan am fonn ;
Dh'èirich maduinn a' soills' o 'n ear ;
Bu ghorm air an lear an tonn.
Ghairm an righ a shiuii gu crann ;
Thàinig gaotli a nall o 'n chruaich ; 200
Dh'èirich Innis-thorc gu mall,
Is Carraig-Thùra iul nan stuadh.
Bha comhara beud gu h-ard,
Teine dall 's a thaobh san smùid !
Bhuail an righ a chhabh air ball ; 205

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence