Skip to main content

‹‹‹ prev (48)

(50) next ›››

(49)
CAOMH-MHALA. 29
HIDEALAN.
Tha shluagh nise sgaoilt* air a' bheinn ; 90
Cha chluinn iad guth an trèin ni 's mò !
CAOxMH-MHALA.
BruaiUean air an raon a'd' dhèigh,
Cunnart dhuit f'èin, a righ mhòir ;
Do 'n uaigh 133. biodhiÌQOQr 4? cheum,
Biodh aon òigh a'd' dhèigh fo bhròn j 95
Biodh i mar Chaomh-mhala fo cheò,
Làn do dheoir an laithibh a h-òige.
C' ar son a dh'innis thu dhomh fèin,
Gu 'n thuit mo ghaisgeach treun sa' bhlàr Pj
Bhiodh mo dhìiil r'a thilleadh o 'n bheinn ; 100
Chithinn e fèin air craig no còmhnard j
ShaoiHnn gu'm b'i chraobh mo laoch,
A* tighinn le faoibh o 'n bhlàr ;
Chluinninn a stoc anns a' ghaoith,
Bhiodh siubhal baoth air taobh nam beann. 105
Tha mise deurach gun bhi thall
Air bruaich Charuinn nan sruth mall ;
An sin bhiodh mo dheoir gu tlà
Air gruaidh an t-sàir a tha gun tuar.
HIDEALAN.
Air bruaich cha 'n'eil an laoch : 1 10
Air ard an f hraoich nise togar 'uaigh.
Seall, a ghealach, o neul caoin ;
Biodh do sholus caol air cruaich,
Gu 'm faic an Làmh-sheal a saol
Am boillsge faoin a' mhàile chruaidh. 115

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence