Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
1* CATH LODUINN.
DUAN II.
Le Ceann-daoine, òg mhac do ghràidh,
*S 6 'g iadhadh mu Chrathmo fo 'n bheinn."
" 'S e Cùlghorm," fhreagair an sonn,
" An ceud fhear chaidh nuU do dh'Alba ;
Cìilghorm, ciar mharcaich nan tonu 120
Thar gleannaibh crom an t-sàil.
Thuit a bhràthair le làimh an laoich,
'S dh'fhàg e faoin a thalla thall ;
Ghabh tuinidh an CruaiHnn an f hraoich
Am measg sàmhchair nam baoth charn. 125
Thàinig a shìol a mach 'nan àm
Gu comhstri nach gann sa' bhlàr ;
Thuit iad an comhstri nan lann ;
^S leamsa lot shinns're bu shàr,
A righ innis a's fuaimeara carn.** 130
Tharruing e 'n iuthaidh o thaobh ;
Gun tuar thuit an laoch gu iàr ;
Shiubhail anam gu shinns're nach caoirì,
Gu innis mhaol nan stoirm ard
A' leantuinn tanais tuirc do cheò 135
Air sgiathaibh nan gaoth mòr sa' charn.
Sheas laoich gu sàmhach m'an cuairt,
Mar chloich Loduinn nam fuath air sliabh,
'Nuair a chi fear-siubhail iad shuas
O astar an fheascair ro* chiar, 140
'S e 'm barail gur tanais nan aosda,
Tha suidheachadh faoibh nam blàr.
Thuit an oidhche air Toirne donn ;
Sheas iadsa ra'an t-sonn fo bhròn.
Bha osag mu seach anns gach ciabh 145
An co-thional nan triath mòr.
An sin bhris o 'n righ gu mall

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence