Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
12 CATH LODUINN. duan ii.
Tharruing gu leathan sa' chomhrag,
'S ghèill anns a' charraid na dàinili.
M'an cuairt do'n triath an shabh a' bhlàir, 55
Thionail na sàir le aoibhneas niòr.
Mar aiteal, is taitneach sna raoin,
Bha guth cumhachd gu caoin o Shelma.
Bhuail na triatha leo fèin an còmhrag,
Gus an d'èirich sa' chomhstri cunnart ; 60
An sin a bha àm do 'n ,righ
Chur ceann air an strì le chruaidh."
" Cha 'n ann gun eòlas dhuinn fèin,"
Thuirt Cromghlas nan geur lann,
" Chaidh sinns're nam beann fo ùir. 65
Cò e bheir còmhrag san t-shabh,
'S righ nam beann ard air chiìl ?
Tha ceathach thall air iomadh tom ;
Buaileadh sonn 's gach cruaich a sgiath j
Thig tanas an duibhre gu lom, 70
A sheòlas gu comhstri an triath."
Dh'f halbh, is ghabh gach triath a thom ;
Chuir baird nam fonn am beachd air triatha.
Bu labhra na caismeachd nan sonn
Toirm an Duibh o chopan ciar, 75
'S e togail a sgèithe sa' chòmhrag.
Mar thoirm mhòr o uisge thall
Thàinig sìol Thoirne anall ;
Bha Starno an eudan còmhraig,
'S Suaran o innis nan stoirm. 80
Sheall gach laoch o dhonn sgiath,
Mar shamhla ciar aig cloich Loduinn,
'Nuair sheallas e o chùl na gealaich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence