Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ›››

(51)
AN COMH-THREÒRAIC?IE. Òl
Cùniitaniaid na caoraicli, agus leigcamaid ris
a' bheinn iad. Trusamaid na h-uain, agus
cuireamaid 'san fliaing iad. Cumamaid ar ceum
a' dol is gu'm bitheamaid dachaidh tràth.
Deanamaid air ar socair a nis.
Buaineamaid am feur gorm agus thoireamaid
do'n ghamhainn e. Fuasglamaid an toiseach e,
agus leigeamaid am mach e. Suidheamaid tacan
a nis. Tòisicheamaid air gabhail òran, agus, air
cìhuinn bhi sgìth dhcth sin thugamaid greis air
sgeulachd.
Leagamaid am balla so gu làr agus dèanamaid
fail muice leis na clachan. Cladhaicheamaid
clais agus leagamaid stèidh dhith an taice ri
balla-cùil a' bhàthaich.
Cuir ort do bhoineid. Cuir dhìot do Ijhrògan.
Eirich, agus cuir umad ; tha a' ghrian air èirigh.
Cuir as a' choinneal, agus bi falbh a laighe.
Cuir seachad do leabhar. Cuir air falbh an
sgian sin. Na cuir dragh air. Cha 'n eil mise
a' cur dragh air neach. Tha Eòghan a cur sìl.
Cia mar a tha an t-sìd ? Tha e a' cur 's a'
cathadh. Na cuir dàil anns a' ghnothuch. Cuir
stad air a' chuibhill. Na cuir an suarachas na
dh' innis mi dhuit. An do chuir iad Alasdair
chun na coinne ? Fhuair e cuireadh an dè.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence