Skip to main content

‹‹‹ prev (387)

(389) next ›››

(388)
Luidh a ghrian air Beinn-Ibheis,
'S chite rionnag 's na speuran ;
Solfa 'n d' aontaich Nic DhughaiU,
Mise, am Brunach a thrèigsinn.
Ach na 'm bithinns' aig Dunolla,
'S cho chomasach a's deonach ;
Bheirte la Chuileodair,
Mu 'n do chuir iad air bord thu.
O ! gun bhi ann ad dhuthaich,
'S buidheann a Bhrunaich o Chomhal leam
'S air an turas ud mur baai'chinn,
Bheirte 'n uaigh dhomh mar phorsan.
Oir ged tha mise falamh,
Tha mi fallain deas ogail,
"S cha choimeas mi ri d' cheil-'sa,
Tha na èiginn fo 'n loinidh.
'S gar an d' fhuair mi chum arain,
Ach m' ealdhain a's m' fhoghlum ;
Fhad *sa mhaireas an saoghal,
Bidh daoine 'm feum bhrogan.
Nis cba phos mi ri m' lathaibh,
Dubh-chail' air son storais
'S co i thoilcheas mi na deigh-sa,
'S deas a theid i na brogan.
Coig bliadhna o 'n uin' ud.
Chrath am Brunach am bron deth ;
A's phos e piuthar do Nic Dhughaill ud^
^ lion i shiuilean 'sa sholas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence