Skip to main content

‹‹‹ prev (363)

(365) next ›››

(364)
m
Bha Caiptein oimn 'san àite sin,
*S ann as do dheanainn bòsd;
Cha tigeadii glairi gu ciàr ann,
Nach b'i shlaint-sa rachadh òl ;
Seana-mhnathan a briathrachas,
Nach fac iad riamh bu bhoidhch,
*S cagar mhaighdeann a fiafrachadh,
O ghiali a bheil e pòist?
'Nuair chuir e aodach aisig dhèth,
'Sa dheasaich sè e fèin ;
Shaoil rai nach bu mhasgull domh,
Radh gu'm bu ghasd a chèum ;
'S e cainnt nan daoin' bha eolach air,
*S e falbh f a 'n còmhair air strèud,
Tha e 'n sud 's gun bhean g'a chòbhrachadh,
'Sa Righ bu mhor am beud.
So mo dhùrachd cinnteach dhuit,
*S i 'n fhìrinn tha mi 'g ràdh,
Gu ma cuimhneach air t-iùl-fheàr thu,
'S nach faill thu air gu bràth;
Saoghal sona an deagh bheatha dhuit,
*S deagh oighreachan bhi t-àit*
A's uiread eile dh' iondrain ort,
'Sa 'n àm am faigh thu bàs.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence