Skip to main content

‹‹‹ prev (347)

(349) next ›››

(348)
m
'S iad gu 'n cumadh a chomh-strith,
Ri luch chotaichean maduir ;
Sud a chuideachd bhiodh foirmeil,
Le boineid ghorm a's coc-ard innt'.
Thug ho o, &c.
Sud a chuideachd bhiodh foirmeil,
Le boineid ghorm a's coc ard innt ;
'S bhiodh am feile *sa 'n f hasan,
Marr-ri gartana' sgarlaid.
Thug ho o, &c.
'S bhiodh am feile 'sa 'n fhasan;
Marr-ri gartana' sgarlaid ;
Feile cuaich air bhachd easgaid,
Paidhir phiostal 's iann Spainnteach.
Thug ho o, &c.
Feile cuaich air bhachd easgaid,
Paidhir phiostal 's lann Spainnteach ;
'S na 'm faighinn mo dhurachd,
Bhiodh an Diùc air dhroch caramh.
Thug ho o, &c.
'S na *m faighinn mo dhurachd,
Bhiodh an Diùc air dhroch earamh ;
Gu 'm biodh bùidseir na feola,
Agus a chorcach m'a bhraghad.
Thug ho o, &c.
Gu'm biodh bùidseir na feola,
Agus a chorcach m'a bhraghad ;
'S gu'n gibhtinn a mhaighdeann,
Mar oighreachd d*a bhrathair.
Hug ho o, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence