Skip to main content

‹‹‹ prev (314)

(316) next ›››

(315)
Chaidh Clann Dònuill 'n sìn an òrdugh,
'S Clann *Illeain nan ròiseol ard ;
Sgiob' Bhraidealbunn, a bhratach bhallabhuidh ;
Bu bhuidheann ainmeil sud aig Marr ;
'Nuair a ruisg iad na lannan dùghorm,
Bha fuil 'ga sputadh ar feadh a bhlair,
Bu honar spainnteach 'sa cheart am sin,
Ga cuir an sàs ann an cota dearg.
Theich Moir-fhear Hunndaidh, nan eachcruidh*
each,
*N coinne a rumbuill as a rajic ;
larla Sìophort nan each prìseil,
Bu nàr ri innse mur dh' eirich dhà ;
Lochiall 'sa mhuinntir a's Mac lain Stiùbhart,
'S Tighearna Struthain o 'n t-Shos gharbh ;
Cho cheart 'sa 's beo mi 'sa 'n ath chomhail, '
Dii' aindeoin Dheorsa gu 'n gearr iad cnaimh.
Mhic 'Ic Alasdair na feileachd,
Bu lamh f heum thu anns gach cas ;
Leat bu taitneach bhi 'sa 'n t-seorsa,
Leat bu deonach bhi dol na 'n dail ;
Chaill thu iteag chul na sgèithe,
'N t-seobhag treun nach d' èur adbhans ;
Mac Mhic Ailein, oighre Mhuideart,
Marcaich sunndach nan each seang.
Dh' fhalbh a choir a's thain' an eucoir,
'S amliairc fhein a deigh an t-sluaigh,
Tha Tomas ag innse ann na fhaistinn,
Gur Clanna Gaidheal a bhuidhneas buaidh,
Bidh failas fala air gach mala,
Cur a chatha thall aig aig Ciuaith ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence