Skip to main content

‹‹‹ prev (306)

(308) next ›››

(307)
295
Thuirt i, ma ta cuir dhiot t-aodach,
Bheir mise nochd mo leith-taobh dhuit,
Aìr eagal 's gu 'n dean thu m' aoireadh,
'S cha 'fl ann air son gaol do mhanrain.
Thug mi, &c.
Mu n' d' f huair mi mi fhin gu socrach,
Ciod a rinn am paist ach mosgladh,
'Sa nuair a ghrios mi e bhi tosdach,
'S ann theann e 's droch-uair air ranaich.
Thug mi, &c.
Thuirt bean an tighe le dearras,
A chlann a chum mi am chaithris,
Ar leam gu 'm feumadh sibh anail,
Gur siùbhlach ur teanga le Gailic.
Thug mi, &c.
Chuir a briathran mi o thapadh,
Eidear seorsa naire 's gealtachd,
'S cha robh driuchd a bha roimh 'm chraìcionn,
Kach cuireadh cnag air an lar dheth,
Thug mi, &c.
Dh' eirich i ionunn *sa bhi ruisgte,
'S theann i ri lasadh a chrùisgein,
'S mu 'n d' fhosgail i ceart a suilean,
Bha mis air taobh cuil na fardaich.
Thug mi, &c.
Ach fhir tha fuireach 'sa bhaile,
Giùlain mo shoraidh gu Anna,
'S innis d' i gu 'n d' d' rinneadh ealaidh,
Do 'n luchd faire bh' air an àiridh. ^
Thug mi, &c.
T 4

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence